Plana Gàidhlig
Thàinig mòran de na h-ìomhaighean a tha aithnichte, leithid am fèileadh, uisge-beatha, breacan agus a’ phìob bho chultar na Gàidhlig.
Tha a’ Ghàidhlig fighte a-steach dhan chruth-tìre agus do na bailtean-mòra againn a tha ainmeil air feadh an t-saoghail agus tha na h-ainmean Beurla aig àiteachan leithid:
- Loch Nis (Loch Ness)
- Cùil Lodair (Culloden)
- Gleann Fhionnainn (Gleann Fhionnainn)
- Glaschu (Glasgow)
- Dùn Dè (Dundee)
Tha sgeulachd gun samhail ri innse an seo cuideachd. A bharrachd air seo, tha saoghal beòthail an latha an-diugh aig cultar na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach ceòl, litreachas, drama, meadhanan, biadh is deoch, agus spòrs.
Airson luchd-tadhail, is urrainn dhan chànan a bhith na dhòigh airson tuigse nas doimhne fhaighinn air Alba, gus pàirt a ghabhail innte agus gus barrachd a lorg.