C) Tha ceanglaichean gun chrìch aig cridhe Celtic Connections, ciamar a bhios an fhèis a’ toirt choimhearsnachdan ionadail is eadar-nàiseanta còmhla?
Tha ar n-ainm ag innse tòrr dhuibh, ’s e a tha aig cridhe na fèise, ceanglaichean. Bidh sinn a’ toirt luchd-ciùil còmhla gus co-chuirmean air leth sònraichte a chur air dòigh agus a’ toirt cothrom do luchd-èisteachd luchd-ciùil a chluinntinn nach cuala iad riamh ’s dòcha.
Aig aon chuirm-chiùil, fhuair 300 seinneadair coimhearsnachd cothrom seinn ann an Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu aig an fhèis.
Thug a’ chòisir taic dhan t-seinneadair/sgrìobhadair-òran ainmeil Karine Polwart à Alba, a tha air duaisean a chosnadh, aig a’ chuirm aice, The Back of Winter.
Cuideachd, bha 120 neach-obrach saor-thoileach a’ cuideachadh aig an fhèis agus thog iadsan ceanglaichean le daoine eile.
Bha còrr is 7,000 duine-cloinne an làthair aig consairtean nan sgoiltean am-bliadhna sa phrìomh ionad-èisteachd ann an Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu.
Tro na consairtean sin, bidh sgoilearan a’ togail cheanglaichean ri dualchas ceòl na h-Alba, agus airson tòrr dhiubh, b’ e a’ chiad turas riamh a chuala iad ceòl beò.
Ghabh cha mhòr 900 neach de gach aois pàirt sna cèilidhean is tachartasan teaghlaich, agus fhuair còrr is 120 neach cothrom a dhol gu consairtean, gun phàigheadh, a bha nas freagarraiche airson daoine le seargadh-inntinn, agus ghabh cha mhòr 1,500 neach pàirt ann am bùithtean-obrach ciùil is òran.
Le "Taisbeanadh air Alba", tha luchd-frithealaidh bho air feadh an t-saoghail a’ faighinn cothrom eòlas a chur air roinn chiùil na h-Alba.
Bithear a’ cumail an tachartais seo airson gnìomhachas a’ chiùil gach bliadhna mar phàirt dhen fhèis gus co-obrachadh eadar-nàiseanta a bhrosnachadh am measg dhaoine.
Bha sinn air ar dòigh glan a bhith ag obair le Èirinn a-rithist mar ar com-pàirtiche eadar-nàiseanta ann an 2025, agus bha taghadh de luchd-ciùil Èireannach a’ gabhail pàirt san tachartas. Bidh muinntir Québec còmhla rinn an-ath-bhliadhna.